MV Loch Seaforth air ais aig muir
Bha am bat-aiseig an Loch Seaforth air ais a-rèir a' chlàr-ama an dèidh do dhàil mhòr air an t-seirbheis an-dè.
Bha am bàta ochd uairean a thìde air dheireadh an dèidh dhith bualadh sa chidhe, a' dèanamh milleadh air a dorsan.
Tha cuid a luchd-siubhail mì-thoilichte le mar a chaidh fiosrachadh a chumail riutha, le feadhainn a' togail cheist mu dè cho seasmhach sa tha am bàta san fharsaingeachd. Tha tuileadh aig Ruaraidh Rothach