MV Loch Seaforth air ais aig muir

Tha am bàt-aiseig an Loch Seaforth air ais a rèir a' chlàr-ama às dèidh do dhàil mhòr air an t-seirbheis an-dè.

Bha am bàta ochd uairean a thìde air dheireadh an dèidh dhith bualadh sa chidhe, a' dèanamh milleadh air a dorsan.

Tha cuid a luchd-siubhail mì-thoilichte le mar a chaidh fiosrachadh a chumail riutha, le feadhainn a' togail cheist mu dè cho seasmhach sa tha am bàta san fharsaingeachd.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.