Duileagean na Mara

Tha tràigh ann am Beinn na Fadhla an lùib grunn eile far an tèid ceud bliadhna bho chriochnaich a' chiad chogadh a chomharrachadh an ath mhìos.

Bidh Taigh Chearsabhagh ag obair ann an com-pàirteachas le Thèatar Nàiseanta na h-Alba agus daoine às a choimhearsnachd airson pìos ealain a dhèanamh air an tràigh.

Bidh seo uile mar phàirt dhen phròiseact nàiseanta, Duileagean na Mara. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.