Aithris mu chlamhan ann an ribe

  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba a' rannsachadh aithris gun deach clamhan a ghlacadh ann an ribe faisg air a' Mhòigh, deas air Inbhir Nis.

Thuirt iad gun deach aithris a chur thuca mun eun na bu thràithe air a' mhìos seo, ach nach deach aca air lorg fhaighinn air.

Thuirt iad gun robh an ribe faisg air rathad a' Bh9174, agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic càil amharasach fios a chur thuca.

Tha iad a' dèanamh dheth gun deach an ribe a chur sìos a dh'aona-ghnothaich airson eun-creachaidh a ghlacadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh