Taigheadas is turasachd am bàrr an Gabhsann

  • Air fhoillseachadh
GabhsannTùs an deilbh, Chris Downer/Geograph

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an ceann a tuath Leòdhais a-nis a' toirt cosnaidh do 13 duine agus a' cumail taic ri mòran phròiseactan coimhearsnachd tron airgead a tha a' tighinn bho na trì chrainn-ghaoithe a thog iad.

Sin a chaidh innse do choinneimh bhliadhnail an Urrais.

Chualar mun adhartas a tha iad a' dèanamh le leasachadh taigheadais agus goireasan cùraim.

Thuirt cathraiche an Urrais, Agnes Rennie, gu bheil iad cuideachd air leasachadh a dhèanamh air pròiseactan àrainneachd leithid goireasan aig Loch Stiapabhat.

Taigheadas

"Tha sin a' dol math dha-rìribh, agus chaidh togalach a dhèanamh aig oir an loch airson leigeil dha daoine faighinn a-steach cho faisg 's a ghabhas air an loch fhèin, agus gum b' urrainn dhaibh a bhith a' coimhead nan eun," thuirt i.

"'S e àite sònraichte a th' ann airson a bhith a' coimhead eòin a th' air an t-slighe bho dheas gu tuath.

"Tha sinn a' coimhead a-nise dè eile a ghabhadh a dhèanamh airson sin a leasachadh airson muinntir an àite fhèin, sgoiltean, agus luchd-turais, 's gu dearbha cuideachd gun urrainn dhuinn sin a reic mar aon de na rudan a tha san sgìre as urrainn dha luchd-turais a dhol a choimhead ma tha ùidh aca ann," thuirt i.

Tha an t-Urras cuideachd a' coimhead ri pròiseact cùraim is taigheadais.

An Taobh Siar air Fad

"'S e sin aon de na prìomhachasan a thàinig a-mach às an ro-innleachd a chuir sinn a-mach ann an 2017 nuair a bha an t-Urras 10 bliadhna de dh'aois," thuirt a' Bh-Ph. Rennie.

"Chaidh tòiseachdainn a' bruidhinn ri buidhnean aig àrd-ìre. Chaidh tòiseachadh a' bruidhinn ris a' Chomhairle 's ris a' Bhòrd-shlàinte.

"Gu h-iongantach, timcheall air an àm a bha sin, bha aon de na bailtean anns an sgìre a' coimhead ri pròiseact taigheadais a chur air chois iad fhèin.

"Bha sin ann am Barabhas Uarach, agus tha sinn air a bhith a' còmhradh ris a' bhaile sin, ach cuideachd ris an fheadhainn a tha an urra ri taigheadas a' faicinn ach a bheil dòigh idir ann air am b' urrainn dhuinn seo a chur air adhart ann an sgìre na h-oighreachd, airson gum b' urrainn dha sin a bhith a' seirbheiseachadh an Taobh Siar air fad.

"Tha fios againn mar thà gu bheil co-dhùnadh air a dhèanamh gu bheil goireas gu bhith air iomall baile Steòrnabhaigh, agus gum bi sin a' seirbheiseachadh timcheall a' bhaile agus an taobh sin den eilean.

"Ach cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast ach dè dìreach a tha a' dol a thachairt air an taobh siar.

"Tha sinn a' coimhead gu bheil cothrom an sin airson dachaighean de dh'iomadh seòrsa a chur suas, agus gu dearbha cothrom a thoirt cuideachd gun urrainn dha daoine na dachaighean aca fhèin, na taighean aca fhèin, a thogail.

Innleachd Dhidseatach

"Aon de na cuspairean a thog an tè a bha bh' againn a' labhairt, Lucy Fhriseal, bho Thaigheadas Albyn an Inbhir Nis, coimhead ri dòighean air cleachdadh innleachd didseataich airson gun urrainn dha daoine fuireach anns na dachaighean aca fhèin cho fada 's is urrainn dhaibh.

"Tha sin a' ciallachadh nach eil aig daoine an uair sin ri dhol a dh'ospadal cho tric, ach cuideachd a' ciallachadh nach eil aca ri dhol a-steach gu dachaigh-cùraim.

Mòinteach GhabhsainnTùs an deilbh, Dave Fergusson/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Urras a' coimhead ri dòighean airson buannachd turasachd fhaighinn às a' mhòintich.

"Bha e uabhasach inntinneach a' cluinntinn an obair a tha iad air a dhèanamh, 's na dòighean a tha iad air lorg air daoine a chuideachadh airson fuireach anns na dachaighean aca fhèin.

"Tha mi a' smaointinn dhomh fhìn, gur e aon de na rudan inntinneach, 's e chan eil seo dìreach mu dheidhinn seann daoine.

"'S e a bha ise ag ràdh, gu bheil iomadach aois a' coimhead air cothrom taigh a bhith aca dhaibh fhèin, far an urrainn dhaibh a bhith nan dachaigh fhèin cho fada 's a ghabhas.

"Agus tha sin a' gabhail a-steach daoine òga aig a bheil feumalachdan sònraichte, a cheart cho cinnteach ri seann daoine a tha feumach air taic," thuirt i.

A' Coimhead air Adhart

'S ann air taigheadas agus turasachd as motha a bhios aire an Urrais anns a' bhliadhna air thoiseach.

"Tha sinn gu cinnteach gu bhith a' leantainn oirnn leis na còmhraidhean a th' againn a thaobh taigheadais," thuirt a' Bh-Ph. Rennie.

"Agus tha fhios againn gu bheil na buill a tha a' riochdachadh na sgìre againn, gu bheil iad làn-taiceil anns a' ghnothaich sin, agus buidhnean eile anns an sgìre.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead ri bhith a' cur an tuilleadh taic a-mach airson obair-turasachd a tha sinn a' faicinn mar chothrom sònraichte air obraichean a chruthachadh agus airgead a thoirt a-steach dhan sgìre.

"Agus tha e soilleir aig an àm a tha seo, ged a tha còrr is 70,000 luchd-turais a' tighinn gu taigh-solais Rubha Robhanais a h-uile bliadhna, 's e glè bheag a th' ann dhaibh, 's chan eil gu dearbha le rudan mar slighean baidhseagail agus slighean coiseachd.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil cothrom an sin a bhith ag obair còmhla ri daoine a tha mar thà an sàs ann an diofar thaobhan de dh'obair turasachd.

"Tha sinn cuideachd a' faicinn gu bheil cothrom ann air a bhith a' dèanamh feum den mhòintich mhòir a th' againn gach cuid bho thaobh turasachd agus cuideachd, ma ghabhas e a bhith, leasachaidhean a dhèanamh a chuireas ri obair croitearachd anns an sgìre," thuirt i.