Cunnart fhathast air seach-rathad an t-Sròim
Le seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois a' fosgladh gu lèir a-rithist ro dheireadh na seachdaine, tha Comhairle na Gàidhealtachd air aideachadh nach eil a' chreag os cionn an rathaid sàbhailte ann an corra dh'àite, agus gum faodadh beatha a dhaoine a bhith ann an cunnart ri a linn.
Seo às dèidh obair trì mìosan ga dèanamh air a' chreig air chosgais £1.3m.