Leasachadh aig cidhe Inbhir Ghòrdain
- Air fhoillseachadh

'S e gnìomhachasan ùra co-cheangailte ri tuathan-gaoithe aig muir as motha a bhios a' cur feum air na leasachaidhean, cho math ri soithichean mòra luchd-turais.
Thèid £30m a chosg gus goireasan aig cidhe Inbhir Ghòrdain a leasachadh.
'S e gnìomhachasan ùra co-cheangailte ri tuathan-gaoithe aig muir as motha a bhios a' cur feum orra, cho math ri soithichean mòra luchd-turais.
Tha an àireamh dhiubh sin a tha a' tadhal a' sìor fhàs, le 112 an-uiridh.
Tha Port Linne Chrombaidh ag ràdh gun cruthaich seo còrr air 700 cosnadh air feadh a' chinn a tuath.
Choisinn Port Chrombaidh cùmhnant luach £10m bho chionn ghoirid airson coimhead às dèidh tuath-gaoithe anns a bheil 95 crann ann an Linne Mhoireibh.
Pròiseactan mòra
Tha am port ag ràdh gum bi an raon ùr aig a' chidhe comasach air dèiligeadh ri pròiseactan mòra ath-nuadhachail, di-coimiseanaidh agus ola 's gas.
Bidh na bàtaichean turais as motha a tha gan togail comasach air ceangal an àrd aig a' chidhe.
Chosgadh £25 bho chionn dà bhliadhna air leasachadh eile agus dh' fhàg sin gur e 2017 a' bhliadhna a bu shoirbheachail a-riamh a bh' aig a' phort.
Thathar an dòchas gun tig an aon seòrsa buannachd às a' phlana leasachaidh seo.
Tha dùil gum bi an obair togail ullamh ro 2020.