Fiolm ga chlaradh ann an Uibhist
Tha coltas ann gu bheil eaconomaidh Uibhist air a bhith a' faighinn buannachd thar nan seachdainnean mu dheireadh - àm as àbhaist a bhith sàmhach - 's criutha air a bhith a' clàradh fiolm san sgìre.
'S e "Limbo" a th'air an fhiolm - sgeulachd mu fhogarraich à Siria agus thèid fhoillseachadh as t-fhoghair an ath-bhliadhna.
Bha sgioba de sheachdad an sàs, le cothroman obrach do mhuinntir an àite cuideachd.
Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill..