Moladh air sgeama Climavore

Tha pròiseact san Eilean Sgitheanach gu bhith a' toirt cothrom do sgoilearan ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh a dhol a dh'obair ann an taighean-bìdhe san eilean.

Tha am pròiseact Climavore - a th' air geàrr-liosta airson duais ealain eadar-nàiseanta - stèidhichte air a bhith a' dèanamh biadh le maorach agus feamainn - a thèid a lorg air cladaichean na h-Alba.

Seo Alasdair MacLeòid.