Fear a' dol às àicheadh mhuirt

  • Air fhoillseachadh
Flataichean an Inbhir NisTùs an deilbh, JASPERIMAGE
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhulaing Mikayla Haining grunn ionnsaighean

Nochd fireannach à Baile nan Granndach san Àrd-Chùirt ann an Glaschu 's e a' dol às àicheadh gun do mhurt e an nighean aige a bha 23 là de dh'aois.

Tha Tòmas Haining fo chasaid gun do mhurt e Mikayla na dachaigh air Rathad MhicAoidh ann an Inbhir Nis as t-Samhradh a chaidh.

Thathas a' fàgail air gun tug e grunn ionnsaighean oirre le bhith ga bualadh mun cheann agus mun bhodhaig eadar an 17mh là den Chèitean agus an 8mh là den Òg-mhìos an-uiridh.

Tillidh a' chùis chun na cùirt air an 8mh là den Ghearran.