Aoibhneas air trì-chuibhlichean
- Air fhoillseachadh

Ged a chaidh na carbadan dà-chuibhleach is trì-chuibhleach a stèidheachadh mar dhòigh còmhdhail am bailteam mòra Àisianach , chìthear iad nas trice an-diugh a' giùlain luchd-turais.
'S ann bhon fhacal Iapanach jinrikisha - jin - "duine", riki - "cumhachd" agus sha - "carbad" - a tha am facal rickshaw a' tighinn.
Bha an t-seòrsa carbaid seo cumanata ann am bailtean mòra Àisianach san 19mh linn.
Chan ann a-mhàin gun robh na carbadan seo èifeachdach mar dhòigh chòmhdhail, bha iad cuideachd a' toirt chosnaidhean do dh'fhireanaich a bha an sàs ann an obair-togail.
Tha na carbadan - le dà chuibhle, agus a-nis le trì chuibhlichean, nas ainmeil anns an là a th' ann airson luchd-turais a ghiùlain timcheall nam bailtean mòra.
Fuasgladh
Ach tha iomairt shòisealta, a chaidh a stèidheachadh ann an Copenhagen ann an 2012, airson na carbadan annasach seo a chur gu feum ann an dòigh rud beag diofraichte.
Tha Cycling Without Age, a chaidh a chur air bhonn le Ole Kassow, ag amas air daoine na sine a thoirt a-mach air baighseagalan.
Ach b'fheudar dha fuasgladh fhaighinn do na duilgheadasan a bha air mòran a thaobh chomasan gluasaid.
B' e an trì-chuibhleachan, neo an trishaw, an fhreagairt.

Tha Cycling Without Age, a chaidh a chur air bhonn le Ole Kassow ann an Copenhagen ann an 2012, ag amas air daoine na sine a thoirt a-mach air baighseagalan.
Sgaoil na baighseagalan annsach seo air feadh Copenhagen agus an uairsin air feadh na Danmhairg.
Agus, bho 2015, tha am beachd seo airson daoine nas sine a chur air ais air na cuibhlichean air sgapadh gu mu 40 dùthaich air feadh an t-saoghail.
An t-seachdain seo, thàinig na carbadan trì-chuibhleach seo a dh'Ulapul.
Tha clann bho Àrd-sgoil Ulapuil air a bhith ag obair le neach-teagaisg bho Cycling Without Age airson an iomairt a chuideachadh.
Cuairtean
Tha iadsan an dòchas an ceann mìos neo dhà gum bi iad deiseil airson a bhith aig an stìuir agus daoine bhon dachaigh-cùraim anns an sgìre a thoirt a-mach air chuairtean.
'S i Isla tè de na h-inbhich òga a tha a trèanadh airson a leithid:
"Tha e sgoinneil a chionn 's gu bheil e a' toirt cothrom do na daoine nas sine rudan a dhèanamh còmhla ri cloinn anns an sgoil agus a dhol a-mach anns a' bhaile.
"Tha mi a' coimhead air adhart ri a bhith a' faighinn nan sgeulachdan aig na daoine nas sine, agus tha mi smaointinn gum bi e uabhasach math", thuirt i.

Tha an sgeama ag amas air daoine nas sine agus daoine aig a bheil trioblaidean le comasan gluasaid a thoirt a-mach air cuairtean.
Feumaidh an fheadhainn a tha ag obair gu saor-thoileach air an carbadan seo a bhith nas sine na 16 bliadhna.
Mar sin tha na sgoilearan a tha nas òige na sin air a bhith a' feuchainn ris an iomairt a chuideachadh ann an dòighean eile.
Tha iadsan air a bhith a' feuchainn ri airgead a thogail gus an dàrna trì-chuibhleachan a cheannachd airson na sgìre.
Tha Aliyah, a tha 14, air a bhith an sàs anns an iomairt:
"Chunnaic sinn na bhidiothan de na daoine a' dol a-mach, bha mise a' smaointinn gun robh e uabhasach math"
"Bha iad a' coimhead uabhasach toilichte agus 's e rud diofraichte a th' ann", thuirt i.
Buannachd
Tha dòchas ann, leis gu bheil am pròiseict a-nis stèidhichte ann an Ulapal, gum faodadh coimhearsnachdan anns na h-eileanan an aon seòrsa buannachd fhaighinn.
Thuirt Cairistìona Bell, Àrd-oifigear Cycling Without Age an Alba, gu bheil tosgaire na buidhe, Tormod Ridley - a tha 82, mar-thà air a bhith a' bruidhinn ri feadhainn ann an Steòrnabhagh aig a bheil ùidh anns an sgeama.
Agus tha buidheann ann an Arcaibh air fios a chur dhan iomairt shòisealta, 's dùil gum bi iadsan a' cur ghnothaichean air dòigh as t-earrach an ath-bhliadhna.
"Tha mi den bheachd nach eil crìochan ann", thuirt Cairistìona Bell.
"Leis gu bheil fìor dheagh eisimpleir ga thaisbeanadh ann an Ulapul 'son a' chinn a tuath, tha mi a' smaointinn gun sgaoil e fad is farsaing air feadh na Gàidhealtachd."