Fèidh nan trioblaid an Loch Carrann

Às dèidh mòran ghearannan, tha coltas ann gu bheil adhartas ga dhèanamh san iomairt airson dèilgeadh ri fèidh a tha nan trioblaid ann an Loch Carrann.

Dh'aontaich a' chomataidh sgìreil air a bheil uallach airson nam fiadh, na fèidh a tha a' tighinn a-nuas dhan bhaile far a' mhonaidh, a spadadh.

A thuilleadh air a' mhilleadh a tha na fèidh a' dèanamh, bha a' choimhearsnachd air iomagain a thogail mun chunnart a th' ann gun glac an sluagh galairean bhuapa.