Ceist mu chìs turasachd

  • Air fhoillseachadh
Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg ùghdarrasan a tha air ùidh a shealltainn ann an cìs turasachd.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga air ceist a thogail às ùr mu mholadh 'son cìs-turasachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg ùghdarrasan a tha air ùidh a shealltainn ann an cìs den leithid.

Beachdaichidh comhairlichean air a' chùis a-rithist Diardaoin, taobh a-muigh is thèid iarraidh orra taic a chur ri co-chomhairle phoblach mun ghnothach.

Tha gnìomhachas na turasachd a' sìor fhàs air a' Ghàidhealtachd is a rèir fhigearan ùra, tha e coltach gun tàinig 6.5 millean luchd-turais dhan sgìre an-uiridh.

Cunnart

Tha dragh ann nach eil bun-structar na sgìre comasach air dèiligeadh ri àireamhan mar sin.

A rèir oifigich na comhairle, dh'fhaodadh cìs air luchd-turais eadar £5m is £10m a thogail gach bliadhna airson goireasan a leasachadh.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh ge-tà, gu bheil ceistean mòra aca mu na molaidhean.

Thuirt Dàibhidh Richardson bhon bhuidhinn gu bheil cosgaisgean mòra mar-thà a' tighinn air daoine a tha a' tadhal air a' Ghàidhealtachd is gu bheil cunnart ann gum fàgadh cìs ùr gun cuireadh feadhainn aca cùl ris an sgìre.

Làidir

Thog e dragh cuideachd gun tigeadh cosgaisean a bharrachd air companaidhean air a' Ghàidhealtachd ann a bhith a' cur na cìse an sàs.

Dh'iarr Mgr Richardsan gun tèid maoin ùr airson piseach a thoirt air bun-structar turasachd ann an sgìrean dùthchail a leudachadh, seach cìs ùr a chruthachadh.

"Tha sinn air faighneachd dha na buill againn dà thuras san trì bliadhna mu dheireadh an cuireadh iad taic ri cìs turasachd", thuirt Mgr Richardson.

"Gach turas, bha iad gu làidir na h-aghaidh", thuirt e.

Cead

Thuirt e gum bu chòir do chompanaidhean air a' Ghàidhealtachd am beachdan a thoirt am follais ma thèid co-chomhairle phoblach air adhart.

Tha Comhairle Dhùn Èideann mar-thà air co-chomhairle a thòiseachadh.

Dh'innis am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gum bi co-chomhairle ann gu nàiseanta cuideachd.

Dh'fheumadh Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do dh'ùghdarrasan cìs turasachd a chur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh