Buill ùra a dhìth air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha dithis bhall ùr a bhiodh a' riochdachadh a' phobaill gan lorg airson Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.
Gheibheadh na buill tuarastal de £8,416 sa bhliadhna airson a bhith ag obair ochd uairean a thìde san t-seachdain.
Dh'innis am bòrd-slàinte gu bheil tè de na dreuchdan a' buntainn ri Earra-Ghàidheal is Bòd.
Tha iad ag iarraidh neach a tha a' fuireach no ag obair san sgìre airson na h-obrach sin.
'S e an 11mh den Fhaoilleach an ceann-là a th' ann airson tagraidhean.
Gheibheadh barrachd fiosrachaidh an seo, taobh a-muigh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh