Ceist mu ghluasad sgudail niuclasaich
- Air fhoillseachadh

Tha comhairliche à Gallaibh a' cur ceist ann am mar a tha sgudal niuclasach à Dùnrath a tha a' falbh dha na Stàitean Aonaichte gan toirt tro bhaile Inbhir Theòrsa aig àm trang.
Bha Donnie MacAoidh a' bruidhinn agus an luchd as ùire de dh'uranium fìor-leasaichte a' fàgail an ionaid.
Chaidh canastairean mòra gorm a thoirt tro bhaile Inbhir Theòrsa mu mheadhan là Disathairne, le gàrd Phoileas, 's iad a' dèanamh air Port-Adhair Inbhir Ùige.
Chaidh stad a chur air trafaig greis, agus oifigearan poilis stèidhichte aig a h-uile ceann-rathaid.
B' e seo an siathamh luchd ann an shreath de luchdan sgudail niuclasaich, às an gabhadh bomaichean dèanamh, a chaidh a chur tron bhaile.
Tèarainteachd
Tha comhairliche Inbhir Theòrsa agus Iar-Thuath Ghallaibh, Donnie MacAoidh, a' faighneachd carson a tha an stuth ga ghluasad tron bhaile aig àm cho trang.
Thuirt e gun dèanadh e barrachd cèille a thaobh tèarainteachd a bhith ga ghluasad air an oidhche, dar a bhiodh na sràidean falamh.
Dh'fhalbh an sgudal, taobh Inbhir Lòsaidh, gu ionad sgudail niuclasaich ann an Carolina a Deas.
Tha dùil gur e luchd Disathairne am fear mu dheireadh airson càrn 700 cg de chonnadh a thoirt a-mach à Dùnrath.
Cha bhi Dùnrath a' bruidhinn mun leithid dar a tha iomairtean gluasaid a' dol air adhart, air sgàth tèarainteachd.