Seirbheis chùraim ùr an Inbhir Narann
- Air fhoillseachadh

Tha dotairean a tha air cùl seirbheis chùraim ùir an Inbhir Narann ag ràdh gun cuidich e feadhainn a tha a' tilleadh dhachaidh às dèidh dhaibh a bhith san ospadal.
Tha iad ag ràdh cuideachd gun leig e le daoine fuireach nan dachaighean fhèin cho fad 's as urrainn dhaibh.
'S e sianar dhotairean teaghlaich a tha stèidhichte sa bhaile a tha air NHG Homecare a stèidheachadh.
Tha na dotairean ag ràdh gur e mar a tha sluagh na sgìre aca a' fàs nas sinne, is am feum a th' ann cùram a thoirt seachad do dhaoine aig an taigh seach anns an ospadal, a thug orra a' bhuidheann a stèidheachadh.
Cead
Thuirt iad gu bheil còrr is 15,000 euslainteach aca aig Buidheann Slàinte Inbhir Narann, is gu bheil 24% dhiubh sin nas sinne na 65.
Thèid seirbheisean mar thaic le cùram pearsanta is cungaidhean leigheis, a' cur air dòigh bìdhe, is taic san fharsaingeachd gus daoine a chuideachadh fuireach aig an taigh, a thoirt seachad.
Tha na dotairean air manaidsear fhastadh mar-thà, is tha iad a-nise ag amas air sgioba de luchd-cùraim a chur ri chèile.
Tha a' bhuidheann ùr an-dràsta a' feitheamh cead bho Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim, mus iarr iad cùmhnant bho NHS na Gàidhealtachd gus seirbheisean cùraim a thoirt seachad.