App ùr na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-rannsachaidh air mapa ùr didseatach a chruthachadh gus sgeulachd na h-Iolaire innse.
Thàinig eòlaichean aig Oilthigh Obar Tatha agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean còmhla gus an app, taobh a-muigh, air a bheil Samhlachadh an Iolaire, a chruthachadh.
Bidh 100 bliadhna ann Là na Bliadhna Ùire bho chaidh an Iolaire fodha faisg air Steòrnabhagh.
Chaill 201 de na bha air bòrd am beatha.
Anns an app ùr tha mapa didseatach a' nochdadh le fiosrachadh air cò às a bha na seòlaidearan, mun t-seirbheis aca sa chogadh, is càite bheil iad air an tiodhlaigeadh is air an cuimhneachadh.
'S e an Dr Iain Donald bho Sgoil an Dealbhaidh ann an Oilthigh Obar Tatha a bha os cionn an app a chruthachadh.
Buaidh
"B' e ciad amas a' phròiseict coimhead ri mar a bheir buaidh aon tachartais cruth-atharrachadh air coimhearsnachd", thuirt an Dr Donald.
"Ron seo, bha sinn air coimhead ri mar a thug an call a thàinig air an an Fhreiceadan Dubh aig Blàr Loos ann an 1915 buaidh air baile Dhùn Dè.
"Tha sgeulachd na h-Iolaire gu h-àraid dòrainneach leis mar a thachair e nuair a bha an cogadh seachad agus na seòladairean a' tilleadh dhachaigh gus a bhith còmhla ri an càirdean 's an caraidean airson na Bliadhna Ùire ann an 1919", thuirt e.
Bha an rannsachadh air a stiùireadh leis an Dr Iain Robasdan bho Ionad na h-Eachdraidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, le taic bho chuid aig ìre na coimhearsnachd.
Thuirt an Dr Robasdan gu bheil e cudromach coimhead dè na leasanan a dh'fhaodar ionnsachadh bho eachdraidh.
Chuir Comann Eachdraidh Cheann an Loch, Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig agus Museum nan Eilean taic ris a' phròiseact cuideachd.