Naidheachdan 11:00m

Thuirt am Prìomhaire gun dèan i a dìcheall fuireach na ceannard air a' Phàrtaidh Thòraidheach agus bhòt cion-earbsa innte ann a-nochd. Chaidh an àireamh litrichean a tha a dhìth airson a' bhòt dhìomhair a chumail, 48, a ruigheachd an-raoir. Feumaidh Theresa May còrr 's leth bhòtaichean nam ball-pàrlamaid Tòraidh airson fuireach anns an dreuchd. Thuirt am Prìomhaire air stairseach 10 Sràid Dhowning sa mhadainn an-diugh gun cuireadh atharrachadh ann an dreuchd a' Phrìomhaire stad neo maill air Brexit, rud nach eil ise ag iarraidh, thuirt i.

Bruidhnnidh a' Bh. Ph. May ri buill Thòraidh feasgar an-diugh agus ged a tha buill sa Chaibineat ag ràdh gun cuir iad taic rithe, tha na h-uimhir de chùl-bheingeirean Tòraidh air leigeil fhaicinn gum bhòt iad na h-aghaidh.

Thèid dreach bhuidseat Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh an-diugh. Tha Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, ag ràdh gu bheil e ag amas air buidseat mu choinneimh staing Bhrexit. Tha e cuideachd a' gealltainn tuilleadh airgid do shlàinte agus foghlam. Ach tha na Tòraidhean agus na Libearalaich Dheamocrataich a' cur teagamh sa bhuidseat agus gun mòr-chuid, feumaidh an SNP bargan a dhèanamh le pàrtaidh eile. Agus tha am Pàrtaidh Uaine ag ràdh gum feum an Riaghaltas tuilleadh airgid a thoirt dha na h-ùghdarrasan ionadail.

Tha rabhadh-faire aig àrd ìre anns an Fhraing far a bheil poilis a' coimhead airson an duine a rinn ionnsaigh le gunna aig margaidh Nollaige ann an Strasbourg air taobh sear na dùthcha. Chaill triùir am beatha 's chaidh trì duine deug a ghoirteachadh, naoinear dhiubh sin gu dona. Tha ùghdarrasan na Frainge den bheachd gur dòcha gun do theich an duine dhan Ghearmailt.

Bidh comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar a' beachdachadh an-diugh air atharrrachadh air seirbheis nam bhanaichean leabharlainn mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Chuir oifigich na h-uimhir de roghainnean air adhart agus tha iadsan a' moladh leabharlainn bheaga coimhearsnachd, seach na bhanaichean.