Planaichean haidro air an gearradh air ais
- Air fhoillseachadh

Chaidh gearradh air ais air planaichean 'son proiseict cumhachd haidro ann an Glenn Èite faisg air Gleann Comhann.
Tha Urras Iain Muir am measg na bha air cuir an aghaidh nam planachan 'son seachd diofar sgeama 'sa ghleann.
Bha dragh air cuid gun toireadh e buaidh air na h-uillt a tha a' ruith dhan abhainn agus gun dèanadh sin cron air spòrs uisge san sgìre.
Tha luchd-leasachaidh a-nis air planachan ùra a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd agus iad an dòchas gun sàsaich sin an feadhainn a bha a' cur nan aghaidh.
Tha dùil gun cruthaich an sgeama mu 6.5 megawatt de dealan, gu leòr airson mu 8,000 dachaigh.
Chaidh na planaichean atharrachadh mu choinneamh nan draghan mun àrainneachd.
Gearanan
Agus chaidh còmhraidhean a chumail ri Comann nan Caidheagan ann an Alba 'son dèanamh cinnteach gum bi ìre an uisge anns na h-aibhnichean àrd gu leòr.
Thuirt Uilleam Dicking bhon bhuidhinn leasachaidh Dickins Hydro Resources: "A bharrachd air Allt Caitlin, far a bheil frith-rathad stèidhichte mar-thà, chan fhàg sinn rathaidean às dèidh dhuin crìoch a chur air an obair agus cuiridh sinn am fearann air ais gu mar a bha e.
"'S e Allt Mheuran an sgeama as motha air an tug na gearanan buaidh ri linn a coltais agus tha sinn air ath-dhealbhachadh susbainteach a dhèanamh air an sgeama sin.
"Thug sinn am pìos a-steach a-nuas 18 meatair a dh'àirde mar sin tha sin air ìre tòrr nas ìsle", thuirt e.
Ma thèid gabhail ris an sgeama tha dùil gum faigh a' choimhearsnachd mu £5,000 gach megawatt, agus gum mair an obair togail mu dhà bhliadhna.
Thuirt Oifigear Poileasaidh Urras Iain Mhuir: "Nì sinn sgrùdadh air na h-atharrachaidhean agus ma tha iad air feart a thoirt do na draghan a bh' oirnn, cha chum sinn oirnn a' cur na aghaidh.