Fireannach marbh às dèidh tubaiste air an A9
- Air fhoillseachadh

Chaill fireannach a bheatha ann an tubaist-rathaid air an A9 faisg air Inbhir Pheofharain.
Thachair an tubaist eadar Toyota Corolla dearg agus bhana Volkswagen Transporter aig cearcall-rathaid Àird Ilidh aig 5.20f Diciadain.
Chaidh draibhear a' chàir a mharbhadh.
Chaidh ainmeachadh mar Theàrlach MacThòmais, 69, à Inbhir Ghòrdain.
Thugadh draibhear a' bhana, fireannach aois 55, a thoirt dhan ospadal ach cha deach a ghoirteachadh gu dona.
Thuirt na Poilis gu bheil na smuaintean aca leis an fheadhainn air an tug an tubaist buaidh.
Tha iad a' sireadh fiosrachaidh bhon phoball mu na thachair neo dealbhan dashcam.
Bu chòir fios a chur air na Poilis air 101 no Crimestoppers air 080055511 is àireamh 2799 12/12/18 a thoirt seachad.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh