Slighe neo-chinnteach FTMG
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh tu a ràdh gur e seòrsa de rùn mòr nan Gall a bh' ann.
Sheas comhairliche às dèidh chomhairliche ann am baile mòr Dhùn Èideann san Dàmhair - bhon a h-uile pàrtaidh - gus taic a chur ri leudachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.
Bha fios aca nach dèanadh Bun-sgoil Taobh na Pàirce leatha fhèin a' chùis sa phrìomh bhaile, is feum air fuasgladh air choireigin eile seach Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig 'son sgoilearan nas sinne cuideachd.
Bha na comhairlichean mothachail gum biodh dùbhlain ann a thaobh ghnothaichean mar airgead is tidsearan.
Fàs
Ach dh'aontaich iad a dhol air adhart le leudachadh mòr.
Ionad ùr anns am biodh dàrna bun-soil Ghàidhlig is aonad tràth bhliadhnaichean.
Àrd-sgoil Ghàidhlig.
Oifigear Gàidhlig fhasdadh gus gnothaichean a cho-ordanachadh.
Tha iad ag amas air na gnothaichean seo a thoirt gu buil ro 2024.
Foghlam Gàidhlig an Dùn Èideann.
Bha a h-uile coltas ann gun robh iad a' faicinn soirbheachais mhòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu, is gun robh iad 'son a leantainn.
Dà mhìos às dèidh seo, chruinnich comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid is foghlam Gàidhlig aca fon phrosbaig.
Bha pàrantan a tha air a bhith a' strì 'son sgoil Ghàidhlig san Òban air gearan roimhe gun robh cus uallaich air fhàgail orrasan.
Air a' cheann thall, rinn iad fhèin sgrùdadh air a' chùis a sheall taic.
Ach dhiùlt comhairlichean a dhol air adhart le co-chomhairle mu sgoil Ghàidhlig.
Cnapan-starra
Seach sgoil Ghàidhlig san Òban, 's e iar-cheannard ùr le dleasdanas airson na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Achadh na Creige, far a bheil aonad Gàidhlig mar-thà, a fhuair taic nan comhairlichean.
Sin ged a nochd aon neach air a' chomataidh ceist an e dòigh mhath a bh' ann airgead a chosg.
Le pàrantan ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a bha seo dhaibh, thuirt ceannard Poileasaidh Gàidhlig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith san sgìre, is gun robh e an dòchas gun tachradh e "anns na bliadhnaichean ri tighinn".
An-dràsta, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh, tha cus chnapan-starra ann le ionmhas, tidsearan is fearann.
Dhiùlt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol air adhart le co-chomhairle airson sgoil Ghàidhlig san Òban.
Cha robh cuid de luchd-iomairt na Gàidhlig leisg am beachd a thoirt seachad air sin air na meadhanan-sòisealta.
"Truagh". "Bochd". "Cion lèirsinn".
Sin uile ann no às, bha e doirbh gun a bhith a' coimhead air seo is a bhith a' dèanamh coimeas le suidheachadh Dhùn Èideann.
Ghabhadh an aon choimeas a dhèanamh eadar am fàs ann an Glaschu, far am deach an treas sgoil Ghàidhlig fhoillseachadh am-bliadhna, is na h-Eileanan an Iar, far an do dhearbh an t-ùghdarras ionadail nach eil dad a dhùil aca a dhol air adhart le sgoiltean Gàidhlig.
Modail
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach e sin a tha pàrantan anns na h-eileanan ag iarraidh, is gur e clann a chumail ann an sgoiltean anns na coimhearsnachdan aca fhèin an dòigh as fheàrr air adhart dhaibh.
Cuiridh gu leòr taic ris a' bheachd sin is àireamh na cloinne ìosal ann an tòrr de na sgoiltean.
Fiù 's ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, far an deach trì sgoiltean Gàidhlig a thogail, tha iad sin uile ann am bailtean a tha, a thaobh na Gàidhealtachd co-dhìu, an ìre mhath mòr.
Ach tha a h-uile coltas ann gu bheil na comhairlean mòra ann am meadhan na h-Alba air gabhail ri foghlam Gàidhlig is siostaman a leigeis leis fàs.
Ma thèid sinn gu siar, far an cluinneadh cànan nan Gàidheal gu traidiseanta, chan eil an t-slighe cho cinnteach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2018

- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2018

- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2018

- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2018

- Air fhoillseachadh4 An Dàmhair 2018

- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2018

- Air fhoillseachadh24 An Giblean 2018

- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2018
