Geama mòr aig County

  • Air fhoillseachadh
County is AyrTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn County an gnothach 2-1 air Ayr United ann an Inbhir Pheofharain san Dàmhair.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Steafan Fearghasdan, gu bheil iad air bhioran mun gheama aca an aghaidh Ayr United Disathairne.

Tha na sgiobaidhean a' dol a-steach dhan gheama aig Pàirce Somerset is iad a' farpais aig mullach an Championship.

'S iad Ayr United a tha sa chiad àite, puing air thoiseach air County agus sgioba Inbhir Pheofharain cuideachd air geama a bharrachd a chluich.

Dh'aidich Fearghasdan nach robh dùil aige gun dèanadh na balaich à Siorrachd Adhair cho math air an t-seusan seo is iad dìreach air tighinn suas bho Lìog 1 as t-samhradh.

Moladh

"Robh dùil againn gum biodh iad suas aig mullach na lìge? Cha robh", thuirt Fearghasdan.

"Eil iad airidh air a bhith aig a' mhullach? Abair thusa gu bheil, 100%", thuirt e.

Bidh aig County ri sùil gheur a chumail air Lawrence Shankland is am fear-aghaidh air 26 tadhail a chur ann an 23 geamaichean.

Bidh County mothachail nach dèan Shankland a chumail sàmhach leis fhèin a' chùis. Ach bhiodh e na chuideachadh mòr.

ICT is Dundee United.Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Dundee United air ais ann an Inbhir Nis Disathairne.

Tha deagh naidheachd ann dha na Staggies cuideachd is Iain Vigurs gus tilleadh dhan sguad.

Thuirt Steafan Fearghasdan nach eil e den bheachd gun toir an geama seo fhèin buaidh mhòr air cò bhuannaicheas an lìog, ach gur e slat-tomhais a bhios ann dha na sgiobaidhean.

"Seo an seòrsa geama a tha sinn ag iarraidh. Dà sgioba aig mullach na lìge agus an t-àm seo den bhliadhna, cha b'urrainn na b'fheàrr", thuirt e.

Tha geama cudromach aig Caley Thistle cuideachd is iad a' cur fàilte air Dundee United ann an Inbhir Nis.

Beàrn

Tha cothrom aig ICT an seo a' bheàrn gu United a ghearradh gu dìreach trì puingean.

"Geama fìor mhòr a tha seo", thuirt fear-dìon Inbhir Nis, Brad MacAoidh.

"Ma nì sinn a' chùis air Dundee United is uairsin le Ross County is Ayr againn anns na seachdainean ri tighinn, tha cothrom ann.

"Seo na geamaichean a tha thu ag iarraidh, cothrom a dhol an aghaidh nan sgiobaidhean a tha thu 'son glacadh", thuirt e.

Bidh ICT a-rithist as aonais Carl Tremarco, Aonghas Beith is Daniel MacAoidh, ach bidh Sean Welsh air ais sa bhuidhinn.