Aimhreit mu airgead HIE

Tha aimhreit ann mun airgead a tha dreach bhuidseit Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thathas a' fàgail air an Riaghaltas gu bheil iad a' moladh mu £10m a gheàrradh bho mhaoineachadh HIE agus tha feadhainn an amharas gun tèid an t-airgead sin a thoirt do dh'iomairt ùr ann an ceann an deas na dùthcha, Iomairt Cheann a Deas na h-Alba.

Tha an Riaghaltas a' dol às àicheadh nan casaidean gu tur.

Tha Niall Bartlett ag aithris.