Rabhadh mu naidhtreat ann an àiteachas
Feumar lùghdachadh a dhèanamh air na tha de naidhtreat ga chleachdadh ann an roinn àiteachais na h-Alba.
Sin a rèir Ionad Eag-eòlais agus Haidreòlais na dùthcha, agus rannsachadh anns an Danmhairc a' sealltainn gu bheil an cunnart bho aillse a' chaolain ag èirigh 15% ma gheibh fiù 's rud beag naidhtreat a-steach gu siostam an uisge.