App, App Abair Nollaig!

Tha dealbhan cluiche Panto ri am faicinn air feadh na dùthcha an dràsta, agus feasgar an diugh ghabh na cleasaichean òga aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu chun an àrd-ùrlar leis am panto bhliadhnal acasan.

Fhuair iad cùl-taic bho'n Lòchran - buidhean leasachaidh na Gàidhlig ann a' Glaschu - le a bhith a' cur an dealbh-chluich ri chèile, agus chaidh am fear-naidheachd againn, Calum MacAmhlaidh, a choimhead orra.