Ferguson Marine ag ràdh gun caill iad £39.5m air cùmhnant ChalMac

  • Air fhoillseachadh
An MV Glen Sannox ga cur air bhog.Tùs an deilbh, Mark F Gibson
Fo-thiotal an deilbh,

Bha dùil gum biodh an MV Glen Sannox deiseil as t-samhradh.

Dh'innis a' chompanaidh Ferguson Marine a tha a' togail dà bhàta dha Caledonian Mac a' Bhriuthainn, gun caill iad £39.5m air a' chùmhnant.

Tha maill mhòr air a bhith air a' phròiseact 'son an dà shoitheach - aonan dhiubh a tha gu bhith a' frithealadh Uibhist, na Hearradh is an Eilein Sgiathanaich.

A-rèir nan cunntasan as ùire aig Ferguson Marine, chaill iad £60m ann an 2016 's tha iad ag ràdh gun bheil dà thrìan dhen suim sin ceangailte ri na trioblaidean a tha air a bhith aca le cùmhnant ChalMac.

330 a' cosnadh aig Ferguson Marine

Chuir Ferguson Marine an coire air companaidh Riaghaltas na h-Alba, CMAL ag ràdh gu bheil iad air cus gnothaich a ghabhail 'sa chùis agus air a bhith a' dèanamh tòrr atharrachaidhean - rud a dh'adhbhraich barrachd chosgaisean dhan chompanaidh, thuirt iad.

Tha Ferguson Marine air maoidheadh cùis-lagh a thogail an aghaidh CMAL.

Ged a tha na cosgaisean aca a' coimhead dubhach, thuirt a' chompanaidh, a that a' toirt cosnaidh do 300 duine, gu bheil gu leòr rudan eadar-dhealaichte aca ri dhèanamh 'son cumail a' dol.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad dol a dh'fheuchainn ri thighinn gu rèite le Riaghaltas na h-Alba a thaobh an iasaid de £45m a fhuair iad.