Burraidheachd "na sgainneal" ann an seirbheis na slàinte
- Air fhoillseachadh
Tha Cathraiche Chomann Meidigeach na h-Alba ag ràdh gu bheil burraidheachd "na sgainneal" ann an seirbheis na slàinte, 's sgrùdadh neo-eisimeileach ga dhèanamh air casaidaidean de bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.
Thuirt Lewis Moireasdan gu bheil burrraidheachd agus sàrachadh fhathast bitheanta taobh a-staigh na seirbheis, agus gu bheil buaidh mhòr aig an sin air na dotairean fhèin.
Thuirt e cuideachd nach b' urrainn dha ach droch bhuaidh a thoirt air cùram euslainteach.
Nochd e a bheachdan ann an teachdaireachd Nollaige gu dotairean.
Sgrùdadh neo-eisimeileach
Tha seo a' tighinn 's sgrùdadh neo-eisimeileach ga dhèanamh air casaidean de bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.
Thog buidhean de dhotairean air a' Ghàidhealtachd dragh mu "chultar de dh'eagal" a bh' air maireachdainn còrr air deich bliadhna.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil maith an luchd-obrach na phrìomhachas dhaibh, agus gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson cur às de bhurraidheachd anns an àite-obrach.
Thuirt iad gu bheil iad airson 's gun tig duine sam bith a dh'fhulaing burraidheachd ann an seirbheis na slàinte air adhart, agus gun tèid èisteachd riutha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2018

- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2018
