Cupa MhicShimidh

  • Air fhoillseachadh
A' Mhanachainn is Lòbhat

Thèid na seann nàimhdean bhon Mhanachainn is Cill Targhlain an aghaidh a chèile às ùr Diciadain ann an Cupa MhicShimidh.

'S ann aig Pàirce Braeview a bhios an geama an turas seo is a' Mhanachainn a' cur fàilte, gu ìre co-dhìu, air Lòbhat.

'S e Deek Camshron an rèitire a bhios ann.

B' ann an 1904 a thòisich an fharpais seo agus MacShimidh a' toirt seachad cupa 'son geama eadar na nàbaidhean aig àm na bliadhna ùire.

Bhuannaich Lòbhat ann an 2018 is iad a' soirbheachadh 4-0.

Gu dearbha, b' e 2015 a' bhliadhna mu dheireadh a bhuannaich a' Mhanachainn an cupa.

Tòisichidh an geama Diciadain aig 1f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh