Iarrtas 'son soidhnichean rathaid nas fheàrr

  • Air fhoillseachadh

Rinn teaghlach tè a bh' ann an droch thubaist-rathaid san Eilean Sgitheanach iarrtas 'son soidhnichean rabhaidh ùra a thogail do luchd-turais anns an eilean.

Chaidh càr Sharon Anslow, a bhuineas dhan eilean, far an rathaid às dèidh tubaist le càr neach-turais faisg air Sligeachan eadar an Nollaig agus a' Bhliadhn' Ùr.

B' fheudar dhi a bhith air a gearradh a-mach às a' chàr aice.

Thuirt ball-pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, le barrachd luchd-turais a' tadhal air an eilean, gum bu chòir soidhnichean rabhaidh a chur air na rathaidean 'son cur nan cuimhne gum feum iad dràibheadh air taobh clì an rathaid.