Dragh mu Bhrexit gun aonta
- Air fhoillseachadh

Tha an NFU a' dèanamh dheth gum faodadh Brexit gun aonta sgrios a dhèanamh air a' ghnìomhachas
Tha Aonadh nan Tuathanach air draghan mòra a thogail mun bhuaidh a bheireadh e air gnìomhachas na feòla ma dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach gun aonta.
Thuirt iad gum faodadh taraif 92% a dhol air feòil-mhairt, 45% air feòil-uain agus 53% air feòil-muice.
Tha iomagain orra cuideachd gum faodadh malairt leis an EU stad buileach glan airson co-dhiù sia mìosan mura bi aonta ann.
Feòil-chaorach
Thuirt Raibeart Dòmhnallach bhon NFU gur e tuathanaich a tha a' reic feòil-chaorach ris an Roinn Eòrpa as motha a chailleadh a-mach air.
"Tha a' chuid mhòr den fheòil-chaorach - aig an àm sin den bhliadhna - a' dol a-null dhan Roinn Eòrpa - bhiodh sinn air ais gu prìsean àm a' Ghalair Roillich".
Thog e dragh cuideachd mu cho fad 's a bheir e aontaidhean a dhèanamh le dùthchannan eile taobh a-muigh an EU.
"An rud a tha cho dona 's e nach fhaodadh sinn a dhol gu dùthchannan eile nas motha - bheir e mìosan - 's dòcha bliadhnaichean - aontaidhean a chur suas leis na dùthchannan eile. Chan urrainn dhut dìreach am fòn a thogail agus feòil a chur a-mach thuca."
Tha dùil gun tèid bhòtadh air aonta a' Phrìomhaire air Brexit ann an Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain.