Dithis bhall gan sireadh airson Bòrd NHS na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd a' sireadh dithis bhall ùra a riochdaicheas am poball air a' Bhòrd.

Mairidh an teirm aca ceithir bliadhna, le cothrom ann seasamh airson teirm eile às a dhèidh.

Bidh aca ri mu 8 uairean de thìde gach seachdain a chosg air obair a' Bhùird, agus tha tuarastal de £8416 sa bhliadhna, a thuilleadh air cosgaisean siubhail agus cosgaisean bith-beò eile, na chois.

Feumaidh aonan dhiubh a bhith a' fuireach ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd.

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 11mh là den Fhaoilleach.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh