Aithne ga thoirt do mhaor-chladaich Leòdhais is na Hearadh

Chaidh aithne a thoirt do sgiobannan teasairginn nam maor-cladaich ann an Leòdhas agus Na Hearadh airson an cuid gaisgeachd airson mar a rinn iad cobhair air seann duine ann an Hiort an-uiridh.

Bha an duine, a tha 87, air an oidhche a chur seachad a' greimeachadh ri na creagan às dèidh dha tuiteam.

Tha a h-uile sgioba a bha an sàs anns an iomairt teasargainn gan cuir air adhart airson na duais as àirde aig Roinn na Còmhdhail.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.