Adhartas le ospadal ùr Bharraigh

  • Air fhoillseachadh

Tha coltas ann gu bheil ospadal agus dachaigh-cùraim ùr Bharraigh a' tighinn nas fhaisge.

Tòisichidh sreath choinneamhan a dh'aithghearr le dòchas gum faodadh an obair air an togalach ùr ann am Bàgh a' Chaisteil, a chosgas £18m, tòiseachadh an ceann bliadhna.

Chaidh gabhail ris an dreach chùis ghnòthachais airson ospadal ùir anns an eilean an-uiridh.

Thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Dòmhnall Manford, gu bheil a' chùis a-nis a' coimhead nas gealltanaiche, às dèidh dhaibh a bhith a' feitheamh ri ospadal ùr fad bhliadhnaichean.

Thuirt e gu bheil e e an dòchas gun tòisich na coinneamhan sin air a' mhìos seo fhèin agus gum bi làn chead ann an obair a thòiseachadh san Fhaoilleach an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh