Naidheachdan 11:00m

Brexit

Thuirt Rùnaire Bhrexit, Steve Barclay, nach eil fìrinn anns na h-aithrisean gu bheil oifigich Bhreatannach agus Eòrpach a' deasbad am faodadh iad maill a chur air Artaigil 50, am pròiseas gu ruige Bhrexit. Thuirt e nach cuala esan dad mu chòmhraidhean den t-seòrsa, agus gur e poileasaidh an Riaghaltais falbh às an Aonadh Eòrpach aig deireadh a' Mhàirt.

Èirinn

Thuirt Taoiseach na h-Èireann, Leo Varadkar, an-diugh gu bheil an t-Aonadh Eòrpach deònach soilleireachadh a thoirt do Bhreatainn air aonta Bhrexit Theresa May, mus bhòt a' Phàrlamaid air an aonta sin. 'S ann mu chrìoch chruaidh a sheachnadh ann an Èirinn a tha an t-earrann sin den deasbad. Ach thuirt seann Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, nach bi sin gu leòr airson Buill-Phàrlamaid a riarachadh ron bhòt seachdain o an-diugh.

Tèarainteachd Pàrlamaid

Tha mu 50 Ball-Pàrlamaid air sgrìobhadh gu Coimiseanair Poilis a' Mhet, Cressida Dick, a' gearain mu bhuaireadh agus maoidheadh taobh a-muigh na Pàrlamaid. Tha Scotland Yard a' rannsachadh an deach eucoir a dhèanamh an-dè nuair a thilg buidheann de luchd-iomairt air a' Bhall-Phàrlamaid Thòraidheach Anna Soubry gur e "Natsach" a bh' innte, fhad 's a bha i a' bruidhinn beò air an telebhisean.

Ailig Salmond

Thèid cùis Ailig Salmond an aghaidh Riaghaltas na h-Alba gu Cùirt an t-Seisein an-diugh nas tràithe na bha dùil. Tha seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba a' gearain mun dòigh anns an do làimhsich àrd-sheirbheiseach catharra na h-Alba casaidean mì-ghiùlain feiseil na aghaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuir iad dìon làidir orra fhèin. Chaidh ceithir là a chur an dara taobh airson na cùise sa chùirt an ath-sheachdain, ach gabhaidh am Morair Pentland fianais a-niste bhon dà thaobh an-diugh.

Ospadal Bharraigh

Tha coltas ann gu bheil ospadal agus dachaigh-cùraim ùr ann am Barraigh a' tighinn nas fhaisge. Tòisichidh sreath choinneamh a dh'aithghearr 's tha dòchas ann gum faodadh an obair air an togalach ùr ann am Bàgh a' Chaisteil, a chosgadh £18m, tòiseachadh an taobh a-staigh bliadhna.

Ionnsaighean Chon

Thèid iomairt ùr fon ainm "Your Dog. Your Responsibility" fhoillseachadh an-diugh. Tha e a' toirt am follais na buaidhe a tha ionnsaighean chon air stoc a' toirt air tuathanaich agus croitearan. 'S e an Compàirteachas Albannach an Aghaidh Eucorra Dùthchail a tha a' cur seo air bhonn, agus figearan ùra ag ràdh gun robh àrdachadh cha mhòr 70% ann an ionnsaighean a thug coin air caoraich air an dà bhliadhna mu dheireadh.

Geòidh agus Fèidh

Bidh riochdairean Comhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh ri Ministear nan Gnothaichean Dùthchail, Màiri Gougeon, an ath-sheachdain, a dheasbad na trioblaid a tha geòidh agus fèidh a' dèanamh - gu h-àraid an Uibhist. Tha a' choinneamh seo a' leantainn air còmhraidhean a bh' aca an-uiridh leis a' mhinistear, agus Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail.