Àiteachas às dèidh Bhrexit
- Air fhoillseachadh

Tha ceistean mòra ann fhathast mu shubsadaidhean às dèidh Bhrexit
Thèid iarraidh air Buill-Phàrlamaid na h-Alba Diardaoin taic a chur ri buidhinn ùir a dhealbhaicheas poileasaidh àiteachais agus bìdh às dèidh Bhrexit.
'S e Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a stiùireas an deasbad aig Holyrood.
Canaidh e gum bu chòir buidheann ùr a stèidheachadh - air am bi riochadairean chroitearan - a nì molaidhean mu mar bu chòir taic a chumail ris a' ghnìomhachas às dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail.
Tha dùil gun iarr e cuideachd air Riaghaltas Westminster siostam-maoineachaidh ùr a chur an sàs gus nach bi call sam bith ann do thuathanaich 's croitearan nuair a sguireas taic-airgid Eòrpach.