Aithne ga toirt do Theàrlach Ceanadach

  • Air fhoillseachadh
Teàrlach CeanadachTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh togail air soirbheachas nan Lib-Deamach fo stiùir Theàrlaich Cheanadaich.

Chaidh am fear-poilitigs Teàrlach Ceanadach nach maireann ainmeachadh ann am Faclair Eachdraidh-Bheatha Nàiseanta Oxford airson a' chiad uair.

Chaidh togail air na rinn e airson cur an aghaidh cogadh Ioraic ann an 2003, agus a' phàirt a bh' aige ann an soirbheachas nan Lib-Deamach anns an taghadh coitcheann ann an 2005, nuair a fhuair am pàrtaidh 62 ball ann an Westminster.

Leig e seachad ceannas a' phàrtaidh ann an 2006.

Bhàsaich e ann an 2015 as dèidh dha a bhith a' strì le trioblaidean dibhe.

Cuideachd air a h-ainmeachadh anns an fhaclair tha an seinneadair Flòraidh NicNèill à Barraigh, a bhàsaich ann an 2015.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh