Naidheachdan 11:00m

Brexit

Tha an Riaghaltas a' coimhead ri tuilleadh dìon a thoirt dha luchd-obrach mar phàirt den oidhirp aca taic fhaighinn airson aonta Bhrexit a' Phrìomhaire. 'S e an-diugh an dàrna là den deasbad air aonta Theresa May. Bidh a' bhòt ann Dimàirt seo tighinn.

Càraichean

Innsidh a' chompanaidh chàraichean as motha ann am Breatainn - Jaguar Land Rover - gun geàrr iad suas ri 5,000 cosnadh anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha 40,000 duine ag obair aca ann am Breatainn uile gu lèir. Choirich iad crìonadh le àireamhan reic ann an Sìona, mar a tha daoine a' cur an cùl ri càraichean diesel agus draghan mu dheidhinn Bhrexit. Thathas a' tuisginn gu bheil a' chuid as motha a chailleas an obraichean an sàs ann am manaidsearachd, margaidheachd is rianachd. Tha dùil gun caill cuid a tha a' dèanamh chàraichean an dreuchdan cuideachd ge-tà.

Trèanaichean

Dh'aidich ScotRail nach fhaigh iad air an targaidean airson seirbheisean a ruith ris an uair a choileanadh airson dà bhliadhna eile. Tha iad a' sùileachadh gun tig piseach air cùisean bhon Mhàrt ge-tà. Thuirt ScotRail gu bheil an luchd-obrach aca ag obair gu dripeil a' feuchainn ri seirbheisean a dhèanamh nas fheàrr.

Àireamhan-reic

Tha barrachd de na bùithtean mòra air innse nach do rinn iad cho math 's a bha iad an dòchas aig an Nollaig. Thuirt Marks & Spencer, Debenhams, Halfords agus B&M uile gun deach na h-àireamhan reic aca sìos. Rinn Tesco math ge-tà. Bha an Nollaig a b' fheàrr ann an deich bliadhna aca-san, le àireamhan suas 2.2%.

Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad £31m gann airson 2019/2020. Thuirt ceannardan an ùghdarrais gu bheil iad a' faighinn nas lugha na bha iad a' sùileachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus gu bheil dùbhlan mòr mun coinneimh.

Àiteachas

Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba an-diugh taic a chur ri buidheann a stèidheachadh airson poileasaidhean àiteachais is bìdh a dhealbh às dèidh Bhrexit - buidheann air am biodh riochdairean chroitearan is thuathanach. Tha seo a' tachairt is dragh ann mun bhuaidh a bheir e air coimhearsnachdan air an tuath nuair a thèid subsadaidhean Eòrpach a chall air sgàth Bhrexit.