Stèisean-cumhachd Chruachain air a reic

Tha Scottish Power air stèisean cumhachd Chruachain a reic ri companaidh cumhachd Drax.

Chaidh an stèisean haidro ann an Latharna a ghabhail thairis leis a' chompanaidh aig toiseach na bliadhna.

A rèir Àrd-oifigeir na companaidh, Anndra Koss, tha iad fhathast a' beachdachadh air an stèisean a leudachadh.