Cathraiche ùr air NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Chaidh Iain Burgess ainmeachadh mar chathraiche ùr NHS nan Eilean Siar.
Tha Mgr Burgess air a bhith air a' bhòrd fad ceithir bliadhna agus 's e an iar-chathraiche a bh' ann sa bhliadhna mu dheireadh.
Bidh e a-nise na chathraiche gu deireadh 2022.
Thuirt Mgr Burgess gu bheil e "fìor thoilichte a dhol nam chathraiche air NHS nan Eilean Siar, buidheann a tha cho cudromach dhan a h-uile duine againn a tha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar".
Bha Iain Burgess iomadh bliadhna ag obair dhan nèibhidh agus dha na maoir-chladaich.
Thuirt àrd-stiùiriche NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu bheil iad air an dòigh leis an naidheachd, is gu bheil eòlas is tuigse mun bhuidhinn aig Mgr Burgess mar-thà.
Chaochail an Dr Neil Mac a' Bhreatannaich, a bha na chathraiche air NHS nan Eilean Siar, san t-Samhain an-uiridh.