Fear a bhàsaich air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh fear a bhàsaich ann an tubaist-rathaid san Eilean Dubh Dihaoine ainmeachadh mar Mohamed Chache, 50, à Inbhir Nis.
Bha e a' dràibheadh bus Stagecoach eadar Inbhir Nis agus Cromba nuair a bhuail an carbad ann an drochaid faisg air Bun Lòchaidh air a' B9161 .
Bha naoinear luchd-siubhail air bòrd a' bhùs is chaidh triùir dhiubh a ghoirteachadh gu dona.
Tha iad sin fhathast san ospadal ach thathas a' tuigsinn nach eil iad ann an cunnart am beatha.
Thuirt na Poilis gu bheil na smuaintean aca le teaghlach is caraidean Mhgr Chache.
Thug iad taing cuideachd dhan a h-uile duine a tha air tighinn air adhart le fiosrachadh mun tubaist, is dh'iarr iad air neach sam bith eile a dh'fhaodadh an cuideachadh a dhol thuca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach 2019

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh