Arceòlas agus obair-uisge deiseil

  • Air fhoillseachadh
CnàmhanTùs an deilbh, Uisge na h-Alba

Chrìochnaich Uisge na h-Alba obair air siostam uisge Chinn a' Ghiuthsaich air an tàinig maill nuair a chaidh na bh' air fhàgail de mhanachainn Carmelite bho na meadhan-aoisean a lorg.

Chaidh cuideachd dust mhic an duine bhon aon àm a lorg air an làraich.

Bhathas ag obair air siostam an uisge air Rathad a' Mhuilinn agus Prìomh Shràid a' bhaile airson a dhèanamh maireannach.

Seann bhallaTùs an deilbh, Uisge na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun deach a' mhanachainn a stèidheachadh o chionn 500 bliadhna, ach gun robh seann chill ann ron sin a chaidh a thogail aig àm Chaluim Chille.

An dèidh do dh'eòlaiche arceòlais clàradh a dhèanamh air a h-uile rud a chaidh a lorg, thèid aithisg shlàn fhoillseachadh air a' chùis nas fhaide den bhliadhna.

Thug Uisge na h-Alba taing do mhuinntir an àite, agus do dhràibhearan, airson an cuid foighdinn fhad 's a bha an obair a' dol air adhart.

Tha dùil gun deach a' mhanachainn a stèidheachadh air an làraich bho chionn timcheall air 500 bliadhna, ach tha fianais ann gun robh cill ann ron sin, a chaidh a thogail aig àm Chaluim Chille.

Thèid measadh càrboin a dhèanamh air na cnàmhan a chaidh a lorg a-niste, feuch dè dìreach cho sean 's a tha iad.