Urras Coillteach na h-Alba a' feuchainn ri Beinn Shìldeig a cheannach
A rèir choltais bidh co-obrachadh làidir eadar muinntir Shìldeig air taobh siar Rois agus a' bhuidheann glèidhteachais a th'airson a' bheinn os cionn a' bhaile cheannach.
Tha Urras Coillteach na h-Alba a' feuchainn ri aon puing a sia millean not a thogail airson Beinn Shìldeig a cheannach.
Tha giuthas Albannach na beinne fìor ainmeil ann a' saoghal gléidhteachais, fiùs ged a rinn teine call air o chionn dà fhichead bliadhna.
Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris.