Àrd-Stiùiriche ùr air Buidheann Mhic a' Bhriuthainn

  • Air fhoillseachadh
Aiseag

Chaidh àrd-stiùiriche ùr ainmeachadh airson Dàibhidh Mhic a' Bhriuthainn Earranta, a' chompanaidh a tha os cionn ChalMac.

'S esan Donnchadh Mackison.

Bha Mgr Mackison roimhe na oifigear san Nèibhidh is bha e cuideachd na stiùiriche aig a' bhuidhinn Serco Defence.

Bha dleastanas air an sin a bhith os cionn chùmhnantan mara is soithichean fhaighinn gus taic a chumail ris an Nèibhidh.

Eòlas

Chuir cathraiche Dhàibhidh Mhic a' Bhriuthainn Earranta, Dàibhidh McGibbon, fàilte air an àrd-stiùiriche ùr is e ag ràdh gu bheil tòrr eòlais aig Donnchadh Mackison air gnothaichean na mara

Thuirt Mgr McGibbon gu bheil grunn dùbhlain os cionn na buidhne anns na mìosan ri teachd.

Nam measg, bidh am pròiseas tairgse 'son seirbheisean aiseig dha na h-Eileanan mu Thuath.

Tha dùil gun tèid an cùmhnant sin a thoirt seachad am-bliadhna.

Tòisichidh Donnchadh Mackison na dhreuchd air an 1mh den Mhàrt.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh