Òraidichean air stailc nàiseanta
- Air fhoillseachadh

Tha òraidichean aig colaistean air feadh na dùthcha air stailc Diciadain, 's iad a' gearain mu phàigheadh.
Tha Comann nan Òraidichean Àrd-Ìre aig an EIS ag iomairt airson àrdachaidh "chothromaich" ann am pàigheadh mu choinneimh cosgais a' bhith-beò.
Tha na colaistean a' cumail a-mach gu bheil na tha iadsan a' tabhainn air òraidichean fialaidh, agus gun d' fhuair mòran òraidichean àrdachaidhean mòra sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
'S e seo an treas stailc nàiseanta aig colaistean ann an ceithir bliadhna.
Mura tèid a' chùis a rèiteachadh, tha trì stailcean a bharrachd air fàire aig an ìre seo.
Tha dùil gun toir an stailc Diciadain buaidh air grunn cholaistean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.