Tubaist rathaid san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh triùir a thoirt dhan ospadal às dèidh do bhus a dhol far an rathaid san Eilean Sgitheanach.

Thachair an tubaist air an A855 mu mhìle a-mach à Port Rìgh mu 1f Diciadain.

Thuirt Poileas Alba gun robh 21 duine air a' bhus nuair a thachair an tubaist.

Chan eileas an dùil gu bheil duine air an droch ghoirteachadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh