Tuath gaoithe ùr san amharc an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Bhiodh trì de na crainn air a'machair ann am Barbhas.
Thathar a' sireadh cead airson sia crainn air iomall Bharbhais air talamh cathraiche Urras Steòrnabhaigh.
Tha Tormod MacÌomhair ag ràdh nach eil gnothach ris an leasachadh phrìobhaideach seo agus am pròiseact aig an uachdaran phoblach sam bi 36 crainn.
'S e tuathanach làn-thìde a th' ann agus 's e a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Brexit air a' ghnìomhachas a dh'fhàg gum feumadh e beachdachadh air dòighean eile buannachd fhaighinn às an talamh àiteach aige, thuirt Mgr MacÌomhair.
Tha e airson trì crainn a chur air talamh mhòintich agus trì a chur air talamh mhachrach; bhiodh iad 150 meatair bhon talamh gu mullach na h-ìte aig àirde.
Càbal fon mhuir
Tha iomairt a' dol airson càbal ùr fon mhuir eadar Leòdhas agus Tìr-Mòr a bheireadh dealain a thèid a chruthachadh air an eilean gu margaidhean far a bheil sluagh mòr.
Tha Mgr MacÌomhair ag ràdh gun cuir a h-uile pròiseact, beag agus mòr, ris an argamaid a th' aca airson toirt air SSE an ceangal ùr a chur an sàs, agus ga dhèanamh nas comasaiche air barrachd dealain a ghiùlain na tha san amharc an-dràsta aig a' chompanaidh chumhachd.
Tha e cuideachd dhen bheachd gum faod am pròiseact aige fhèin misneachd a thoirt don fheadhainn a bu mhiann sgeama coimhearsnachd a stèidheachadh.
Neartaicheadh e an argamaid airson infrastructair nas fheàrr air an taobh siar airson dealain a chur gu taobh thall an eilein, na bheachd.
Buannachd dhan choimhearsnachd
Ma 's e agus gum faigh am pròiseact aige cead, tha Mgr MacÌomhair a' gealltainn gun tèid bruidhinn ri muinntir an àite feuch dè gheibheadh iadsan mar bhuannachd choimhearsnachd.
Thuirt e ge-tà gu bheil an gnothach aig ìre fìor thràth fhathast agus gun toireadh e na bliadhnaichean mòra a thoirt gu buil.
'S e tìde a dh'innseas dè cho taiceil a bhios daoine san sgìre dha.
Bhiodh rathaidean agus togalaichean ùra a dhìth, agus tha Mgr MacÌomhair e fhèin mothachail gum faodadh gum bi inbhe ghlèidhte na macrach na cnap-starra.