Gluasad eile san Òban
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Camanachd an Òbain gum bi Coinneach Wotherspoon na phàirt den sgioba choidsidh aca am-bliadhna.
Tha Wotherspoon air cliù a chosnadh dha fhèin 'son a chuid obrach air taobh thall a' bhaile anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
'S e a stiùir Celtic an Òbain dhan Lìog Nàiseanta is ghlèidh e iad san lìog sin mus an do dh'fhàg e obair aig deireadh 2018.
Bidh e a-nise ag obair còmhla ri Steafan Sloss aig Camanachd an Òbain.
Mar a bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu an 2018.
Thuirt Camanachd gu bheil iad air an dòigh Wotherspoon "a thoirt air ais dhan chluba far an do thòisich e bho thùs".
Tha seo a' tighinn às dèidh do Celtic innse gum bi fear de ghaisgich Camanachd, Dougie Mac an t-Saoir, na phàirt den sgioba ùr choidsidh acasan.
Bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu ann an 2018, a' chiad duais aca aig àrd-ìre bho bhuannaich iad an Cupa Ceilteach fhèin an 2005.
Thuirt iad às dèidh làimhe gu bheil iad an dòchas gur e toiseach linne ùire a bhiodh ann dhan chluba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2019

- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2018
