Naidheachdan 11:00m

Cuiridh Theresa May ùine mhath den là an-diugh seachad a' bruidhinn ri Buill-Phàrlamaid Thòraidheach agus buill à pàrtaidhean eile mu shlighe air adhart do Bhrexit. An dèidh faighinn seachad air bhòt cion-earbsa an-raoir, thuirt am Prìomhaire gur e briseadh dùil a th' ann nach gabh an ceannard Làbarach, Jeremy Corbyn, pàirt anns na còmhraidhean gus an cuir an Riaghaltas cùl ri Brexit gun aonta. Leig ceannard an SNP ann an Westminster, Iain Blackford, e fhèin fhaicinn nach gabh e gnothach ris na còmhraidhean mura geall an Riaghaltas nach bi Brexit gun aonta ann.

Chaidh stad air plana airson stèisean cumhachd niuclasach ùir ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Bha dùil gum biodh 9,000 cosnadh aig an ionad ann an Anglesey, ach thuirt a' chompanaidh Iapanach, Hitachi, gun do dh'fhailich orra ionmhas aontachadh airson a' phròiseict.

Tha feadhainn teagmhach mu phlanaichean air a bheil Riaghaltas na h-Alba a' coimhead airson faraidhean nas daoire nuair a tha aiseagan trang, agus nas saoire nuair nach eil. Tha co-chomhairle phoblach ann mus tachair dad, ach tha cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, am measg air a bheil dragh gum faodadh e droch bhuaidh a thoirt air sgeama RET nam faraidhean saora.

Tha sneachda is reothadh a' dèanamh chùisean doirbh do dhràibhearan an-diugh gu h-àraid anns an Ear-Thuath, far an robh sreath de thubaistean beaga agus carbadan glacte san t-sneachda. Dh'iarr poilis air dràibhearan a bhith faiceallach, agus tha rabhadh buidhe ann mun aimsir sin suas gu meadhan là.

Tha buidheann thar-phàrtaidh aig Holyrood ag ràdh gu bheil plana Riaghaltas na h-Alba airson cùraim aillse nas fheàrr ann an cunnart le cion luchd-obrach ann an dreuchdan cudromach. Thuirt an Riaghaltas, a th' air £100m a chur ris a' phlana, gur aithne dhaibh gu bheil trioblaid ann, agus gu bheil iad mar thà a' fastadh dhaoine dha na dreuchdan as fheumaiche.

Tha eòlaichean eadar-nàiseanta ag iarraidh atharrachaidh mhòir air na tha daoine ag ithe air an ath 30 bliadhna, air adhbharan slàinte, maith na h-àrainneachd, agus airson biadh a chumail ri àireamh sluaigh an t-Saoghail a tha a' sìor fhàs. Tha am biadh a tha iad a' moladh stèidhichte sa mhòr-chùis air planntrais, lusan is measan, agus tha iad ag iarraidh air daoine nas lugha feòla ithe.

Tha an fhèis chiùil mhòr Celtic Connections a' tòiseachadh ann an Glaschu an-diugh. Tha còrr is 300 tachartas air feadh a' bhaile air an ath-chola-deug, agus 26 bliadhna ann bho bha a' chiad fhèis ann.