Comhairlichean fa leth do dh'eileanan?
Dh'fhaodadh gum bi comhairlichean fa leth aig cuid a dh'eileanan a-rithist san àm ri teachd.
Tha sin agus Coimisean Crìochan na h-Alba a' tòiseachadh ath-sgrùdadh air uàrdan nan comhairlean ionadail anns a bheil eileanan.
An-dràsta feumaidh 3 no 4 comhairlichean a bhith anns gach uàrd.
Chaidh Andreas Wolff a Thiriodh far an robh comhairliche sònraichte aca gu 2006.