Dà ghearain mu shoidhnichean Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Soidhne-rathaid Dà-chànanach

Tha e air tighinn am follais nach d' fhuair Riaghaltas na h-Alba a-riamh ach dà ghearain mu dheidhinn soidhnichean Gàidhlig air prìomh rathaidean, bho thòisich am poileasaidh ann an 2002.

Thàinig an naidheachd à fiosrachadh a fhuair am Press and Journal tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Dhearbh iad cuideachd gur e glè bheag de dh'airgead a chaidh a chosg orra anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha mòran càinidh air a bhith a' nochdadh air-loidhne agus ann am pàipearan naidheachd mu na soidhnichean is cuid a' cumail a-mach gur e ana-caitheamh air airgead a th' annta.

Dh'innis an riaghaltas bho chionn trì bliadhna gur e beagan is £250,000 sa bhliadhna a bha iad air a chosg air soidhnichean Gàidhlig eadar 2003 agus 2010.

Eadar 2014 agus 2017, cha deach a chosg air soidhnichean Gàidhlig ach £3,510.